Letras Web

An Rìbhinn Donn

James Graham

15 acessos

Ochòin a rì 's i mo rìbhinn donn
Dh'fhag mi fo mhì-ghean 'us m'inntinn trom
Gur e a bòichead a rinn mo leònadh
'S cha bhi mi beò gun mo ribhinn donn

Is truagh an dràsda nach robh mi'm bhàrd
A ghleusadh clàrsach 's a sheinneadh dàn
'S gun innsinn buadhan na maighdinn uasail
Mu' bheil mo smuaintean gach oidhche 's là

Mar chanach mòintich tha cneas mo luaidh
Dearg mar chaorann tha dreach a gruaidh
A beus 's a nàdur mar neòinean màlda
No sòbhrag dh'fhàsas fo sgàil nam bruach

Gur bòidheach dualach an cuailean mìn
A th'air a' ghruagaich a bhuair mo chrìdh'
Gur binne còmhradh na guth na smeòraich
'S tha mise brònach on dh'fhàg i mi

Ged tha mo ghrian-sa a' triall fo sgleò
'S mise 'm bliadhna mar ian 's a cheò
Togaidh an sgàile 's ni ise deàrrsadh
'S gu'm faigh mi slàinte gach là ri'm bheò

Top Letras de James Graham

  1. Òran An t-Saighdeir
  2. Mullaichean Rudha Stòir
  3. Och Òin Mo Chailinn
  4. Mo Bhò Dhubh Mhòr
  5. A' Bhriogais Uallach
  6. Cumha Alasdair Dhuinn
  7. Nam Aonar Le Mo Smaointean
  8. Alasdair Mhic Cholla Ghasda
  9. Breisleach
  10. Maol Donn