Letras Web

Hóró Hù-ó Mo Nighean Donn

Rachel Walker

16 acessos

Hóró hù-ó mo nigh'n donn
Haori hiu-o nigh'n donn bhòidheach
Hóró hù-ó mo nigh'n donn

'N déidh dhomh seòladh tro chaol muile
'S ann a chunnaic mi 'n té leòn mi

'S ann a seòladh tro chaol ile
B' fheadar duinn bhi dìobradh sheòla

Carson a bhios mi riut a' mire
'S fear eile sireadh do phòige

Fear eile mire ri m' ghruagaich
'S mis air bhàrr nan stuadh a' seòladh

Fear eile mire ri m' mhaighdinn
'S e do chaoimhneas rinn mo leònadh

Shaoilinn nach gabhadh tu banntrach
Fhad 's bhoidh geall aig giulan òg ort

Shaoilinn nach gabhadh tu tàillear
Fhad 's a chàrainn fhìn do chòta

Shaoilinn nach gabhadh tu ghreusaich'
Fhad 's a dheannain fhìn do bhrògan

Shaoilinn nach gabhadh tu buachaill'
Bhiodh snidh' air a ghruaidh an còmhnaidh

Shaoilinn nach gabhadh tu cìobair
Fhad 's a bhithinn fhìn an tòir ort

Top Letras de Rachel Walker

  1. Alasdair À Gleanna Garadh
  2. Inbhir Àsdal Nam Buadh
  3. Puirt A Beul
  4. Smeòrach Clann Dòmnaill
  5. Bràigh Uige
  6. Thug Mi 'N Oidhche Ge B' Fhad I
  7. Tha Na H-uain Air An Tulaich
  8. Ho Rò Chan Eil Cadal Orm
  9. Soraidh Leis A Bhreacan Ùr
  10. Mo Chràdhghal Bochd