Letras Web

Chan E Caoidh Mhic Shiridh

Maggie MacInnes

7 acessos

Chan e caoidh Mhic Shiridh
Dh'fhàg an dil' air mo ghruaidh

Hu o ro hu o
Ho ro o hi o hi o
Hu o ro hu o

Chan e caoidh mo leannain
Ged a dh'fhanadh e bhuam

Ach a'caoidh mo bhràthair
Chaidh a bhàthadh 's a'chuan

'S duilich leam do chùl chlannaich
Bhith 's an fheamainn 'ga luadh

'S duilich leam do gheal dheudan
Bhith' ga' reubadh 's a'chuan

Tha do leabaidh gun chàradh
'S fhad' o'n dh'fhàg thu i fuar

Cha tèid mise ga càradh
Tha thu ghràidh ro fhad' bhuam

'S tric mo shùil air an Rubha
Bhon bhruthach ud shuas

Fiach am faic mi seòl brèidgheal
Latha grèine 's a chuan

Top Letras de Maggie MacInnes

  1. Thug Mi Gaol Do'n Fhear Bhàn
  2. Calum Beag O Thìr a'Mhurain
  3. Laoidh Mhoire Mhaighdeann
  4. Dh'fhalbh Mo Run Bho Chionn Seachdain
  5. Calum Ban
  6. Òran A' Mharaiche
  7. Fath Mo Mhulaid A Bhith Ann
  8. Two Waulking Songs
  9. Is Moch An Diugh A Rinn Mi Gluasad
  10. Nuair Bhios Mi Leam Fhin