Letras Web

Òganaich An Òr-fhuilt Bhuidhe

Kathleen MacInnes

20 acessos

Òganaich an òr-fhuilt bhuidhe
Leat a chinneadh sealg is sitheann
'S ann ad ghruaidh a bhiodh an ruthadh
Nuair a bhiodh tu siubhal bheann

Nuair a dhìreadh tu na stùcan
Leis a' ghunna caol nach diùltadh
'S e do luaidhe ghorm is d' fhùdar
Chuireadh smùid air feadh nan gleann

Òganaich an òr-fhuilt shnìomhain
Dh'fhàg thu saca trom air m' inntinn
'S mura tig thu nall don tìr seo
Mo thoil-inntinn bidh air chall

Gu bheil a bhlàth siud air mo ghruaidhsa
Gun tug mi dhut gaol nach fuaraich
Dh'innis iad gun tug thu fuath dhomh
Ach cha chreid mi, luaidh, an cainnt

Ged a chuirte mi an iarainn
Fhad 's bu bheò mi gam phianadh
Cha chuir mi do ghaol air dìochuimhn'
Seo a' bhliadhna liath mo cheann

Top Letras de Kathleen MacInnes

  1. Oran Na Cloiche
  2. Duthaich MhicAoidh
  3. An Dà Fheannaig
  4. Òran Tàlaidh Na Mnà-sìdhe
  5. Òganaich An Òr-fhuilt Bhuidhe
  6. Jimmy Mo Mhìle Stòr
  7. Òran Dhòmhnaill Phàdraig Iagain
  8. Bha Mise Raoir Air An Àirigh
  9. Ceud Failt' Air Gach Gleann
  10. Reul Àlainn A' Chuain