Letras Web

Cha B'e Direadh A' Bhruthaich

Flora MacNeil

15 acessos

Cha b'e dìreadh a' bhruthaich
Dh'fhàg mo shiubhal gun treòir
Na teas ri là gréineadh
Nuair a dh'éireadh I oirnn

Na teas ri là gréineadh
Nuair a dh'éireadh I oirnn
Gu bheil moill' air mo léirsinn
'S cha léir dhomh ceum ròid

Gu bheil moill' air mo léirsinn
'S cha léir dhomh ceum ròid
Cha léir dhomh ni 's fhaisge
Fiù a' bhata 'nam dhorn

Cha léir dhomh ni 's fhaisge
Fiù a' bhata 'nam dhorn
'S mi 'sa ghleannan bheag phreasach
'S mo lethcheann air lón

'S mi 'sa ghleannan bheag phreasach
'S mo lethcheann air lón
Treis air smeuran nan drùisean
Greis air bristeadh nan cnò

Treis air smeuran nan drùisean
Greis air bristeadh nan cnò
'Se mo dhubhailt mo bhreacan
'Se mo chopan mo bhròg

'Se mo dhubhailt mo bhreacan
'Se mo chopan mo bhròg
'Se mo thaigh mór gach glacan
'Se mo leabaidh gach fròig

'Se mo thaigh mór gach glacan
'Se mo leabaidh gach fròig
'S ged a dh'fhadainn-sa teine
Chì fear foille dheth ceò

'S ged a dh'fhadainn-sa teine
Chì fear foille dheth ceò
'S ged a cheannaichinn-sa buideal
Chan fhaigh mi cuideachd g'a òl

'S ged a cheannaichinn-sa buideal
Chan fhaigh mi cuideachd g'a òl
'Si do nighean-sa, dhonnchaidh
Dha'n tug mi'n tromghaol, 's mi òg

'Si do nighean-sa, dhonnchaidh
Dha'n tug mi'n tromghaol, 's mi òg
Té dha bheil an cùl dualach
O guaillean gu bròig

Té dha bheil an cùl dualach
O guaillean gu bròig
'Se sios ma da shlinnein
A's an ionad as boidhch'

'Se sios ma da shlinnein
A's an ionad as boidhch'
'S mór gu'm b'fheàrr dhut mi agad
Na aon mhac breabadair beò

'S mór gu'm b'fheàrr dhut mi agad
Na aon mhac breabadair beò
Ged nach deanainn dhut fighe
Bhiodh iasg is sitheann mu'd bhòrd

Ged nach deanainn dhut fighe
Bhiodh iasg is sitheann mu'd bhòrd
'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolaich
Anns an aonaich 'm bi 'n ceò

'S truagh nach robh mi 's tu, ghaolaich
Anns an aonaich 'm bi 'n ceò
Ann am bùthaig bhig bharraich
'Gun bhith mar rium ach d'fheòil

Ann am bùthaig bhig bharraich
'Gun bhith mar rium ach d'fheòil
'S mi gu snàmhadh an caolas
Airson fàilteachd do bheòil

Top Letras de Flora MacNeil

  1. Mo Bhean Chomain
  2. Faca Sibh Raghnall Na Ailein?
  3. A Mhairead Og
  4. Mo Run Geal Og
  5. Gur Muladach Sgith Mi
  6. Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh
  7. Gaol Ise Gaol I
  8. Cha B'e Direadh A' Bhruthaich
  9. Thig Tri Nithean Gun Iarraidh
  10. Toiseach Na Tràghad