Letras Web

Seathan Mac Rìgh Eireann

Flora MacNeil

8 acessos

Hu ru o na hi ho ro
Hu ru o na hi ho ro
Tha seathan na diugh na mharbhan
Na hi ho ro hug o ro

Tha seathan na diugh na mharbhan
Hu ru o na hi ho ro
Sgeul is olc le fearaibh alba
Na hi ho ro hug o ro

Sgeul is olc le fearaibh alba
Hu ru o na hi ho ro
Sgeul is olc le luchd a leanmhuinn
Na hi ho ro hug o ro

Sgeul is olc le luchd a leanmhuinn
Hu ru o na hi ho ro
Sgeul is ait le luchd an t-sealga
Na hi ho ro hug o ro

Sgeul is ait le luchd an t-sealga
Hu ru o na hi ho ro
Bannsa seathan a' falbh slèibhte
Na hi ho ro hug o ro

Bannsa seathan a' falbh slèibhte
Hu ru o na hi ho ro
Mise lag is esan treubhach
Na hi ho ro hug o ro

Mise lag is esan treubhach
Hu ru o na hi ho ro
Cota ruadh mu leth mo shlèisne
Na hi ho ro hug o ro

Cota ruadh mu leth mo shlèisne
Hu ru o na hi ho ro
Is iomadh beinn is gleann a shiubhail sinn
Na hi ho ro hug o ro

Is iomadh beinn is gleann a shiubhail sinn
Hu ru o na hi ho ro
Bha mi'n ile bha mi'n uibhist leat
Na hi ho ro hug o ro

Bha mi'n ile bha mi'n uibhist leat
Hu ru o na hi ho ro
Bha mi'n I nan cailleacha dubha leat
Na hi ho ro hug o ro

Bha mi'n I nan cailleacha dubha leat
Hu ru o na hi ho ro
Bha mi'n sleibhte nam ban buidhe leat
Na hi ho ro hug o ro

Bha mi'n sleibhte nam ban buidhe leat
Hu ru o na hi ho ro
Bha mi'n eirinn an coig mhumha leat
Na hi ho ro hug o ro

Bha mi'n eirinn an coig mhumha leat
Hu ru o na hi ho ro
Dh'èisd mi ri aifrionn sa' chill chumha leat
Na hi ho ro hug o ro

Dh'èisd mi ri aifrionn sa' chill chumha leat
Hu ru o na hi ho ro
Seathan seathan mo ghille grèine
Na hi ho ro hug o ro

Seathan seathan mo ghille grèine
Hu ru o na hi ho ro
Och dh'am dheòin gun do ghlachd an t-eug thu
Na hi ho ro hug o ro

Och dh'am dheòin gun do ghlachd an t-eug thu
Hu ru o na hi ho ro
Dh'fhàg siud mise dubhach deurach
Na hi ho ro hug o ro

Dh'fhàg siud mise dubhach deurach
Hu ru o na hi ho ro
Cha toirinn do lagh na rìgh thu
Na hi ho ro hug o ro

Cha toirinn do lagh na rìgh thu
Hu ru o na hi ho ro
Cha toirinn dhan chro naoimh thu
Na hi ho ro hug o ro

Cha toirinn dhan chro naoimh thu
Hu ru o na hi ho ro
Cha ghibhtinn do mhoire mhìn thu
Na hi ho ro hug o ro

Cha ghibhtinn do mhoire mhìn thu
Hu ru o na hi ho ro
Air eagal's gun caillinn fhìn thu
Na hi ho ro hug o ro

Top Letras de Flora MacNeil

  1. Mo Bhean Chomain
  2. Faca Sibh Raghnall Na Ailein?
  3. A Mhairead Og
  4. Mo Run Geal Og
  5. Gur Muladach Sgith Mi
  6. Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh
  7. Gaol Ise Gaol I
  8. Cha B'e Direadh A' Bhruthaich
  9. Thig Tri Nithean Gun Iarraidh
  10. Toiseach Na Tràghad